Ar Ceòl 'S Ar Cànan
Na bi brònach, na bi gun dòchas
Oir tha sinn an seo 's tha sinn gad rocadh
A' rocadh gu cruaidh a h-uile latha
Ceòl punc Gàidhlig — chan eil dad nas fheàrr!
Seo ar ceòl — seo ar cànan
Tha i beò — chan eil i marbh
Tha sinn ga bruidhinn — chan eil sinn balbh
'S cha tèid sinn air falbh
A' rocadh bho Dhùn Eideann gu Beinn nam Faoghla
Seachd searbh sgìth de luchd nam beurla
Seo an còmhlan-ciùil a chuir sinn air dòigh
A' rocadh airson ceartais — Oi! Oi! Oi!
Seo ar ceòl — seo ar cànan
Tha i beò — chan eil i marbh
Tha sinn ga bruidhinn — chan eil sinn balbh
'S cha tèid sinn air falbh