Dòigh Eile
Calpachas sgapte air feadh an t-saoghal
Trom-laighe, pian 's fuil
Fàsach far an robh craobhan a' fàs
Truailleadh gun chrìoch, sgrios 's bàs
Tràilleachd, bochdainn agus gort
Camara-poileas a' coimhead ort
Bancairean anns a' bhaile mhòr
Cùmhnantan, airgead 's òr
Prothaid os cionn a h-uile càil
'S na coilltean-uisge a' dol nan smàl
Tuiteam às a' cheile
A' dol far an rèile
Feumaidh sinn dòigh eile
Tancair òla a' dol fodha
Poball sàmhach, balbh 's bodhar
Sùilean dùinte, sùilean dall
Gliocas aosda a tha sinn a' call
Puinnsean anns a' mhuir 's anns an adhair
Cuiridh iad às dhan Chraobh Beatha
Sgudal ceimiceach air grunnd na mara
Seann choilltean a-nis a' coimhead mar an Fhàsach Sahara
Prothaid os cionn a h-uile càil
'S na coilltean-uisge a' dol nan smàl
Tuiteam às a' cheile
A' dol far an rèile
Feumaidh sinn dòigh eile
Lèir-sgrios ri fhaicinn anns a h-uile àit
Am planaid gu lèir ri uchd a' bhàis
Ainmhidhean 's lùsan a' dol à bith
Tùsanaich a' dèanamh strì
Treubhan uile a' tighinn còmhla
A' sabaid an-aghaidh nan companaidhean mòra
Faisg air meadhan-oidhche, tha an tìde gann
Feumaidh gu bheil dòigh eile ann
Tuiteam às a' cheile
A' dol far an rèile
Feumaidh sinn dòigh eile