Ramalair Rùisgte
Cò an duine seo a' coiseachd air na rathaidean?
Cò an duine seo rùisgte air na sràidean?
Tha an ramalair rùisgte air na sràidean
Tha e a' ramaladh rùisgte air ar rathaidean
Chì thu a thòn, chì thu a bhod
A' cur uabhas air seann 's òg
Chì thu a thòn, chì thu a mhàs
Chì thu a chlachan — abair uabhas!
Anns a' ghrian, anns an uisge
Ag iarraidh saorsa a bhith rùisgte
Ramalamaid!
A' ramaladh sa ghrian agus anns an uisge
Chan eil e ag iarraidh càil ach saorsa a bhith rùisgte
Ramalair rùisgte sa dheise co-latha breith
A' ramaladh rùisgte 's am poileas às a dhèidh
(Nas fheàrr Gàidhlig bhriste na Gàidhlig anns a' chiste!
Nas fheàrr Gàidhlig bhriste na Gàidhlig anns a' chiste!)
An ramalair rùisgte leis a chasan goirt
A' nochdadh gu tur rùisgte anns a' chuairt