Na Gèill 's Tu Beò
Ann an steisean poileas, glaiste a-staigh
Ach tha luchd-taic taobh a-muigh
Ma tha thu ann an staing tha sinn còmhla riut
Tha sinn ann an seo airson taic a thoirt dhut
Ma tha thu ann an toll, dùbh agus goirt
'S a h-uile sian a' tighinn sìos ort
'S a h-uile càil air a dhol ceàrr
Cuimhnich gun tig, gun tig latha nas fheàrr
Na gèill 's tu beò, 's tu beò
Na gèill 's tu beò, 's tu beò
Ma tha thu ann an toll, dùbh agus goirt
'S a h-uile càil a' tighinn sìos ort
'S a h-uile càil air a dhol ceàrr
Cuimhnich gun tig, gun tig ar latha
Ma tha thu airson gèilleadh dìreach cum air
Cuimhnich na rinn an ramalair
A nochd gu tric air beulaibh bhreitheamh
Air sgàth's gun robh e rùisgte — cha do ghèill e riamh!
Mur eil dòchas agad gum fàs e nas fheàrr
Cuimhnich gun tig, gun tig ar latha
Mur eil dòchas agad gum fàs e nas fheàrr
Cuimhnich às an oidhche thig solas an latha
Na gèill 's tu beò, 's tu beò
Na gèill 's tu beò, 's tu beò
Ma tha thu ann an toll, dùbh agus goirt
'S a h-uile sian a' tighinn sìos ort
'S a h-uile càil air a dhol ceàrr
Cuimhnich gun tig, gun tig ar latha
Oi! Oi! Na gèill 's tu beò!
Oi! Oi! Oi! Na gèill 's tu beò!