Dùisg!
Truailleadh 's tràilleachd, pian 's fuil
Dorchadas gun chrìoch a' tuiteam air an t-saoghal
A' coiseachd nar cadal, dìreach mar chrodh
A-steach dhan taigh-spadaidh mar bhò
Dùisg!
Sùilean gun lèirsinn, dùinte 's dall
Na coireaichean a bh' againn — tha sinn gan call
Sliseag fo d'chraiceann, camara air an t-sràid
A-nis tighinn faisg air deireadh an rathaid
A' creidsinn nam breugan, cho sàmhach 's balbh
'S an t-saorsa a bh' againn a-nis a' falbh
'S an ropa a' teannachadh mun sgornan agad
Soraidh slàn dhan saorsa bh' agad
Dùisg!