Daibhidh Sneddon
Tha cuimhne agam ort nuair a bha thu òg
Tha cuimhne agam ort nuair ann an ' 88
Bha thu nad phunc, bha thu coma mu fhasan
Botannan air do chasan
Bha do bheatha cruaidh, bha e goirt
A h-uile duine a' magadh ort
Ach chum thu a' dol 's bha thu ceart
Seadh, a bhalaich — abair neart
Daibhidh Sneddon air an t-sràid
An-còmhnaidh ag èisteachd ri Discharge
A' cluich ann an còmhlan air feadh na dùthcha
Ag òl leann an àite uisge
A' sabaid an agaidh an siostam seo
Cha bhi e a' gèilleadh fhad's a tha e beò
Tha e cho punc 's a 's urrainn dhut a bhith
An agaidh ana-ceartais tha e fhathast a' strì
Daibhidh Sneddon
Daibhidh Sneddon
Daibhidh Sneddon
Oi!
Ann an còmhlan poiliteagach 's tusa a bha glic
A' bruidhinn mu Shantorum uabhasach tric
A' laimhseachadh na talmhainn le spèis
A' sabaid an agaidh amadain na làimh dheis
A' falbh air turas ann an bhan
Uilbheist nan drumaichean!
A' falbh air turas ri iomadh ploigh
Daibhidh Sneddon Oi! Oi! Oi!
Daibhidh Sneddon
Daibhidh Sneddon
Daibhidh Sneddon
Oi!
Strì Nach Eil Deiseil
Daibhidh Sneddon Mac an Tàilleir!