Sgrùdadh 2323
Thàinig iad à fada air falbh
A saoghal eile thàinig iad dhan talamh
A' falbh leat ged nach robh thu deònach
'S tusa nad phriosanach aig creutairean neònach
“Neach-saidheans”? Na toir orm diobhairt!
An turas seo 's tusa an iobairt
Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?
Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?
Sgrùdadh 2323
Trustair ann an cota geal
Rinn thu sgrùdadh air iomadh beathach
Ach a-nis glacte air an soitheach
Trustair ann an cota geal
A-nis tha thusa air a' bhòrd
'S iad a' dèanamh sgrùdadh ort
Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?
Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?
Sgrùdadh 2323
“Cuiribh an t-inneal lasair suas a thòn
agus dèanaibh sgrùdadh air!”
Oi! Oi!