Suas
An e thusa a bh' ann ri mo thaobh air an rathad?
A' sabaid 'son saorsa, cogadh air an t-sràid
Aon a-mach à ceudan de dh'ana-riaghailtich
Gu tùr ann an dùbh — cò aig a tha fios?
Ach cuimhnich, cuimhnich na freumhan a th' agad
Cuimhnich, cuimhnich an eachdraidh a th' againn
Tog, tog a' bhratach dhùbh!
Tog, tog, tog a' bhratach dhùbh!
Cuimhnich an fheadhainn a thuit air a' bhlàr
A' sabaid airson saoghal na b'fheàrr
An fheadhainn a thuit 's iad ri strì
A' smaointinn orra tha moit lìonadh mo chridhe
An fheadhainn a thuit thall san Spàinn
An fheadhainn a bhàsaich aig Kronstadt
Tog, tog a' bhratach dhùbh!
Tog, tog, tog a' bhratach dhùbh!
Suas gu h-àrd, suas leis na brataichean dùbha!
Suas gu h-àrd, suas leis na brataichean dùbha!
Suas gu h-àrd, suas leis na brataichean dùbha!
Suas gu h-àrd, gu h-àrd, gu h-àrd!
A' seasamh mar aon an-aghaidh na stàite
Cuimhnich ar companaich anns a h-uile àite
A h-uile companach a' grotadh ann am prìosan
Chan eil iad ann ach airson aon reusan:
A' sabaid airson saoghal nas fheàrr
Na diochuimhnich a chaoidh gun tig ar latha!